Stoirm air Drochaid a’ Bhroomielaw
–
Storm on the Broomielaw bridge
Tha Stoirm air Drochaid a’ Bhroomielaw, ag innse mu dheidhinn an t-seallaidh èibhinn ris na choinnich am bàrd Iain MacPhàidean (1850-1935) nuair a bha e a’ dol tarsainn Drochaid Iameuga air oidhche stoirmeil geamhraidh. Tha a’ ghaoth ’s an t-uisge a’ dèanamh miastadh air na Gàidheil a tha a’ strì ri faighinn dhachaigh, a’ cur an stocainnean mun casan agus an adan a’ falbh leis a’ ghaoith.
Stoirm air Drochaid a’ Bhroomielaw, [‘Storm on the Broomielaw bridge’] recounts the comic sight which met the poet John MacFadyen (1850-1935), as he crossed the Jamaica Street bridge one stormy winter night. The wind and rain are playing havoc with the Gaels who are struggling to get home, sending their stockings to their ankles, and their hats tumbling along the muddy cobbles of the street.
Air feasgar Dòmhnach anns a’ gheamhradh—
’S gann gu ’n robh an turadh ann,
Thog mi orm sìos thun na drochaid,
Dh’ fheuch dé bu chor do ’n chuideachd ann,
Bha h-uile fear ’s a làmh ’n a aid’,
Mu ’n rachadh dheth a séideadh,
Bha cuid ’s na clousaichean ’n an cròlain,
’S mòran dhiubh mu ’n Station,
Am fasgadh ’n sud.
Am faic thu ’n té so tigh’n a nall,
O dhaoin’, nach seall sibh Seònaid,
Lìon an umbrella ’n ghaoith,
’S i g’ a slaodadh còmhl’ rithe,
Bha gartan dearg air a’ chois chlì,
Gu rìomhach ann an òrdugh,
’S bha stocaidh na cois dheis gun nì,
’S i shios am beul na bròige,
Na colaichean glas.