Pubs
Taighean-seinnse

San latha an-diugh, lorgaidh tu Gàidheil an-còmhnaidh a’ conaltradh anns na Taighean-seinnse is Clubaichean ann an Glaschu. Tha taighean-seinnse an Islay, na Pàirc, Ben Nevis agus an Snaffle Bit uile nan suidhe faisg air a chèile ri taobh Pàirc Kelvingrove, ann am Finnieston, àite ris an canar ‘An Triantan Gàidhlig’. B’ àbhaist a’ cheàrnaidh seo a bhith na dachaigh do ghrunn aitreabhan Gàidhlig: bha Aitreabh nan Gàidheal agus Seòmar-dannsa Bobby Jones le chèile air Sràid Berkeley, a’ tarraing mòran de na Gàidheil òga aig an àm. Tha Taigh-osta nan Gàidheal agus mòran den luchd-obrach aig a bheil Gàidhlig, fìor aithnichte mar dhachaigh Gàidheil Ghlaschu agus bidh iad a’ cumail farpais-cheist ann an Gàidhlig uair sa mhìos.

Today you will always find Gaels socializing in the Pubs  & Clubs of Glasgow. The Islay Inn, The Park Bar, Ben Nevis and The Snaffle Bit all sit along a short stretch near Kelvingrove Park, in Finnieston, nicknamed ‘The Gaelic Triangle’. This area used  to be home to a number of Gaelic institutions: the Highlanders Institute  and the Bobby Jones Danceroom were both on Berkeley Street  and attracted many of the young Gaels of the time. Taigh-osta nan Gaidheal [The Park Bar], with many of its bar staff Gaelic speakers, is a particularly  well-known home of the Glasgow Gael, and holds a monthly Gaelic Quiz

Plaque out side Marks and Spencer's on Argyle Street, acknowledging the existence of the Black Bull Inn and a famous guest.

Chaidh Taigh-seinnse Black Bull a stèidheachadh le Comann Gàidhealach na Gàidhlig ann an 1759, pàighte leis an airgead a chaidh a thogail aig 9 searmoinean a chumadh ann an gàrradh na Cathair-eaglais leis an t-searmonaiche ainmeil, an t-Urramach Seòras Whitfield. B’ e àite cudromach do charbadan stèidse a bh’ anns an Taigh-seinnse, a bha suidhichte mu choinneamh Sràid Stockwell far a bheil Marks & Spencers a-nis na sheasamh aig oisean Sràid Glassford. Dh’fhuirich Raibeart Burns ann an Taigh-seinnse Black Bull ann an 1787 agus 1788 agus sgrìobh e litrichean gu ‘Clarinda’ an sin. Chaidh an teachd-a-steach bhon Taigh-seinnse a chleachdadh gus sgoil a’ Chomainn a mhaoineachadh do chlann nan Gàidheal.

The Black Bull Inn was founded by the Highland Gaelic Society in 1759, paid for by the proceeds taken at 9 sermons preached in the Cathedral yard by the famous preacher Rev. George Whitfield. The Inn was an important stage-coach post which stood facing Stockwell Street where Marks & Spencers now stands at the corner of Glassford Street. Robert Burns stayed at the Black Bull Inn in 1787 and 1788 and wrote his letters to ‘Clarinda’ there. The income from the Inn was used to fund the Society’s school of the children of Highlanders.