Clutha
–
Clutha
Chaidh ainm Abhainn Chluaidh a chlàradh an toiseach ann an AD 98 mar Clota leis an neach-eachdraidh Ròmanach, Tacitus, anns an leabhar aige, Agricola. Tha an t-ainm Ceilteach bho thùs ach tha deasbad ann mun bhrìgh cheart aig an ainm. Dh’fhaodadh gu bheil e bho fhacal a’ ciallachadh ‘famed’ no facal diofraichte a’ ciallachadh ‘conveyance, carrier’. Air an làimh eile, dh’fhaodadh gur e, coltach ri mòran ainmean aibhnichean Albannach eile, ainm bana-dhia aibhne a th’ ann a’ ciallachadh rudeigin coltach ri ‘an t-aon naomh a nigheas, an t-aon a shruthas gu luath’. Ann an Gàidhlig, tha an abhainn aithnichte mar Cluaidh, Abhainn Chluaidh agus Uisge Chluaidh.
Is e cruth nuadh-aimsireil a th’ anns an fhacal ‘Clutha’, a dh’fhàs ainmeil san 18mh linn tro Oisean aig Mac a’ Phearsain. Thug e ainm do chabhlach de bhàtaichean-aiseig (na Cluthas) a bhiodh a’ giùlain luchd-siubhail eadar Drochaid Bhioctòiria agus Aiseag Whiteinch bho 1884 gu 1903 nuair a chaidh an cur a-mach à gnothachas leis an Trèana Fo-thalamh ùr. Bha mòran sheòladairean le Gàidhlig a’ cosnadh air na Cluthas.
The name of the river Clyde is first recorded in AD 98 as Clota by the Roman historian Tacitus in his book Agricola. The name is of Celtic origin but its exact meaning is debated. It may be from a word meaning ‘famed’ or a different word meaning ‘conveyance, carrier’. Alternatively, it may, like many other Scottish river-names, be the name of a river-goddess, meaning something like ‘the divine one who washes, the strongly flowing one’. In Gaelic, the river is known as Cluaidh, Abhainn Chluaidh (‘River Clyde’) and Uisge Chluaidh (‘Clyde Water’).
The form ‘Clutha’ is a modern creation, popularized in the 18th century by Macpherson’s Ossian. It gave its name to a fleet of passenger ferries (the Cluthas) which conveyed commuters between Victoria Bridge and Whiteinch Ferry from 1884 to 1903 when they were driven out of business by the new Subway. Many Gaelic-speaking sailors were employed on the Cluthas.
Òran don “Clutha”
Thàinig Iain MacPhaidein (1850-1935) a rugadh ann am Muile a Ghlaschu a dh’obair mar fhear-rèile. B’ e duine ainmeil a bh’ ann an saoghal na Gàidhlig ann an Glaschu, agus sgrìobh e àireamh de dhàin is òrain a bha a’ nochdadh diofar thaobhan de bheatha nan Gàidheal sa bhaile. Tha Òran don “Clutha” na mholadh air bàtaichean-smùid cala Chlutha. Tha an t-òran cuideachd a’ toirt iomraidhean air Factaraidh-cèire MhicLeòid, àite ainmeil tarraingeach, Adaireachd Bonanza agus Mantle Warehouse, uile air Sràid Earra-Ghàidheal.
Òran don “Clutha”
Mull-born John MacFadyen (Iain MacPhaidein, 1850-1935) came to Glasgow to work as a railwayman. A notable figure on the Glasgow Gaelic scene he composed a number of poems and songs reflecting aspects of Gaelic life in the city. ‘Òran don “Clutha”’ is his tribute to the Clutha harbour steamers. The song also includes references to MacLeod’s Waxworks, a famous attraction, and the Bonanza Millinery and Mantle Warehouse (both Argyle Street).
BATA AISEIG CHLUAIDH.
AIR FONN: Poltalloch House.”
SEISD.—
A Mhòr a bhuineadh, ’s a Mhòr a ghràidh,
A Mhòr a bhuineadh, ’s a Mhor Nic Aidh,*
Cha mhòr nach coma leam ’d é their càch,
Théid mise fad seachduinn do Ghlaschu mòr.
O’n a bh’ agamsa leannan am baile nam bùth,
Gu ’n deach mi g’ a h-amharc aig àm na bliadhn’ ùir,
’S dh’ fhàg mi am baile ’s a’ bhàta ’s a’ mhadainn,
’S ann ormsa bha ’m fadal a dh’ fhaicinn mo rùin.
Gu faca mi mìorbhuilean ’s ioghnadh gu leòir,
Am Bonanza e féin, ’s obair-chéire Mhic Leòid,
An Tramway ’na ruith leam a shealltuinn nan nighean,
O, creidibh so, ’illean, bha mis’ air mo dhòigh!
Bha mi sgìth do gach ùpbraid ’us lùchairt ’us ceòl,
Thug mi orm cois na tuinne gu luingeis nan seòl,
A shealltuinn na h-aibhne air bòrd Penny Liner,
Chaidh mise ’s mo mhaighdean gu h-aoibheil air bòrd.
’S a’ mhaduinn ged b’ fhuar i, gu ’n ghluais mi mar gheall,
’N uair rinn iad na h-uairean a bhualadh le bell,
Bu ghruamach an latha ’s e coltach ri frasan,
’N uair thog sinn an t achdair aig cas na Stockwell.
Bha mis’ anns an toiseach ’s mi ’g amharc mu ’n cuairt,
’Nuair ràinig i ’n drochaid tha thairis air Cluaidh,
’S ann lùb i a funnel ’us sgnoc mi mo bhoineid,
’S na daoine mu ’m choinneamh a sealltuinn a nuas.
Ach ’s ann a rinn loireag dol troimhe ’n a leum,
’S gu ’n d’ tharruinn mi m’ anail ’n uair fhuair mi ma réir,
Cha ’n fhaca mi fhathasd ach crioman do’n athar,
’S each-iaruinn ’n a shradan dol seachad troimh ’n speur.
Cha ’n fhaicinn an coire, an doire, na ’n gleann,
An t-easan, na sruthain, na mullach nam beann,
’S ann bheireadh i fead aisd’ gu càch chur air theicheadh
’S i bogail ’s a beichdeil troimh leitir nan crann.
’N uair dh’ éirich an fhairge gu garbh-mheallaibh trom,
’S a tòiseachd ri monbhar air onadh nan tonn,
Bu bhras bha gach buinne fo chaor-gheal na tuinne,
’S a dh’ ain-deoin nan tuiltean bha ’n Clutha na deann.
Bha luingeis mu ’n cuairt dhuinn ri luasgan gun tàmh,
Tigh’nn dachaidh bhar cuain, ’s cuid dhiu gluasad gu sàil’,
Bha ’n sgiobair ’us gruaim air ’s e glaodhaich gu fuasach
“O, cum ris an fhuaradh neo buailidh i ’m barge!”
Iad a’ falbh as mo shealladh mar shearraich ri réis,
Mar chù théid ri caoraich air aodan an t-sléibh
Bha pacaid ri ’r taoibh-ne ri meisdeireadh baoghail,
’S té eil’ aic’ air thaod ’s i g’ a slaodadh ’n a déigh.
Bha aig cailleach nam briosgaidean measan gu leòir,
Bha òigearan gasd’ ann as flasg ac’ na ’m pòc’,
Bha Muillich ann, Canaich, ’us Uibhistich ’s Barraich,
O, dhaoin’, ach an cargo a bh’ againn air bòrd.
Bha “bliadhna mhath ùr dhuit” air hùg anns gach àit’,
Bha botail ’gan taomadh gach taobh dhinn gun tàmh,
Bha òrain ga ’n gleusadh an Gàidhlig ’s am Beurla,
’S a’ chailleach ’s i séideadh air “Eirinn gu bràth.”